Feis Latharna
Fèisean Teagasg Òigridh, Ealan Gàidhlig anns an Oban, Earraghàidheal

Dachaidh
Home
Mur deidhinn
About Us
C air a' f T
FAQ
Naidheachdan
News
 
Calendar

 

Bùthan-Obrach an Earraich

Gu ruige seo tha ceithir bùthan-obrach aon-latha air a bhith ann am: Bocsa-ciùil, clàrsach, feadag, fidheall, Seinn ann an Gàidhlig, agus dràma, giotàr agus feadan agus dannsa-ceum. Bha iad spòrsail agus chòrd iad ris a h-uile duine.

Bha na bùthan-obrach bocsa-ciùil air an gabhail le John Sommerville. a tha a' cluich anns a chòmhlan Croft No. 5 agus cuideachd le Neil Gunn, cluicheadair coileanta bocsa-ciùil à Glaschu.

Bha na clasaichean clàrsach air a' ruith le Toni Russell agus Karen Marshesley le taic bho Kirsty MacKenzie. Tha clàrsach daonnan na iarrtas, bhon thairis air na bliadhnaichean tha Toni air base teagasg clàrsach làidir a' thogail.

Am bliadhna seo, 's e Callum Ailig MacMhaolain an neach-teagasg seinn ann an Gàidhlig, tha Callum Ailig, bho thùs à Leòdhais agus tha e air farpais an t- Seann Òs a bhuannaich aig a Mhod Nàiseanta.

Bha na clasaichean fideag air an teagasg le Micha Sommerville (bràthair John) agus cuideachd chum e a' chlann toilichte aig àm biadh le a bhith a' cluich a saxophone, ag adhbharachadh iomadh iarrtasan airson teagasg anns an sax.

Na clasaichean fidheall, a thathar daonnan gan iarraidh, air an toirt seachad le Anne Barlow à Taigh an Uillt. Tha Anne air a bhith aig Fèis Latharna airson iomadh bliadhna a-nist agus chan eil a mhàin a' toirt seachad teagasg anns an fhidheall ach tha an còmhlan aige gu math tric a' cluich aig cèilidhean an Fhèis.

Bha dà neach-teagasg aig an dràma Gàidhlig. Rinn Catriona NicGuamarid (am Bàrd Gàidhlig aig am Mod Nàiseanta an uiridh) aon sèasan. Bha na trì sèasans eile air an gabhail le Màiri Mhoireasdan, tha Màiri bho thùs à Leòdhais agus a-nist a' fuireach ann an Glaschu.

Bha an luchd-ionnsachaidh giotàr air an teagasg le Findlay Wells agus Angus Smith, an dithis aca nan cluicheadairean ainmeil as an Obain agus a clàradh gu soirbheachail nan dhlighe fhèin.

Bha clasaichean dannsa-ceum air an teagasg le Shona NicIll' Fhaolain, tha Shona bho thùs à Uibhist a Deas agus a-nist a' fuireach ann an Inbhir Nis.

Mu dheireadh, bha na clasaichean feadan am bliadhna seo air an gabhail le Kevin Moffat. 'S e aodann gu math ainmeil a tha ann an Kevin ann an saoghal a phìob agus an fheadain anns an Obain agus mun cuairt.

Faicibh am mìosachan againn airson fiosrachadh an Fhèis a tha fhathast ri thighinn.

 

Switch to English Text
[ Dachaidh ] - [ Mur deidhinn ] - [Làrach ] - [ Luchd-Teagasg ] - [ Bruidhinn Ruinn ]
- [ C air a' f T ] - [ Neach-taic ] - [ Naidheachdan ] - [ Tachartasan sa Mhìos ]