Feis Latharna
Fèisean Teagasg Òigridh, Ealan Gàidhlig anns an Oban, Earraghàidheal

Dachaidh
Home
Mur deidhinn
About Us
C air a' f T
FAQ
Naidheachdan
News
 
Location
Tutors
Contact Us

 

Bho 1992 tha ioma clann air an cothrom fhaighinn airson an ionnsachadh ann an Seinn Òrain Ghàidhlig, com-pàirticheadh ann an Dràma Gàidhlig no taghadh ionnstramaid a' chluich.

Tha Fèis Latharna a-ruith Fèis airson ceithir lathaichean mun cuairt a Chaisg agus tha sinn cuideachd a-ruith blocaichean sia seachdainean soirbheachail air feadh na bhliadhna. Tha cuideachd blasad de bhùthan-obrach ann am bocsa-ciùil dannsa-ceum, clàrsach, fidheall, fìdeag, giotàr, seinn ann an Gàidhlig, dràma agus feadan.

Tha ioma com-pàirtichean air a dhol orra gu dreuchdan soirbheachail anns an dà chuid Telebhisein Gàidhlig agus ceòl traidiseanta, agus mar a tha feadhainn eile a' cumail cuimhneachain measail air a bhith cleasachd ann an dealbh-chluiche Gàidhlig còmhla ri mòran luchd-teagaisg a tha a-nist nan ainmean taigheadas ann an saoghal dràma Gàidhlig.

' S e Fèis de cheòl, dràma, agus ealan, fad ceithir latha a tha anns an Fhèis Chaisg againn, a crìochnachadh ann an Cèilidh Mòr agus tha e spòrsail.

Tha luchd-teagasg bho taobh a-staigh agus taobh a-muigh Earraghàidheal ann airson leudachadh air caochladh chuspairean agus tha mòran dhiù nam proifeiseantaich sgileil, gu tric air na CD's aca fhèin a chlàradh.

Far a bheil e comasach, tha an teagasg troimh mheadhan na Gàidhlig le clann air am brosnachadh air am follais aca dhan chànan air a thùr-àrdaich fad nam prìomh Fèis ceithir latha.

Tha an Fhèis air a ruith le luchd-obrach dealasach saor-thoileach a tha roi-cheangailte leis an dà chuid cànan Gàidhlig agus ceòl traidiseanta.

 

Switch to English Text
[ Dachaidh ] - [ Mur deidhinn ] - [Làrach ] - [ Luchd-Teagasg ] - [ Bruidhinn Ruinn ]
- [ C air a' f T ] - [ Neach-taic ] - [ Naidheachdan ] - [ Tachartasan sa Mhìos ]